Post sponsored by NewzEngine.com

Source: Scotland – Highland Council

Tha Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte sreath de bhidiothan, a tha a’ toirt seachad dùbhlan iomain tron ghlasadh-sluaigh, a bhrosnachadh. Chaidh na bhidiothan a dhèanamh le Iomain Cholm Chille, le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus taic ionmhasail bho Bhòrd na Gàidhlig.

’S e pròiseact spòrs àraid a th’ ann an Iomain Cholm Chille a tha a’ brosnachadh cheangalan eadar luchd-labhairt Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba tro iomain Èireannach agus Albannach.

Thuirt an Comhairliche Iain MacFhionnlaigh, Cathraiche Comataidh Foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd: “Bheir na bhidiothan seachad goireas a bharrachd, air am bi fàilte mhòr, do sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig agus do sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha na bhidiothan a’ toirt seachad dùbhlain iomain gach seachdain agus faodaidh an teaghlach air fad com-pàirt a ghabhail annta cuideachd taobh a-muigh a’ chlas agus anns na coimhearsnachdan againn.”

Tha Iomain Cholm Chille air barantas fhaighinn gus trì no ceithir a bhidiothan a dhèanamh gach seachdain agus bidh iad rim faotainn do 22 sgoil tro sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt Mgr Sean MacLeòid, Manaidsear Alba/Iomain Cholm Chille: “Tha sinn air ar dòigh glan a bhith ag ùrachadh agus ag ath-bheothachadh a’ chom-pàirteachais againn le Comhairle na Gàidhealtachd gus taic a thoirt do dh’iomain agus do chleachdadh na Gàidhlig am measg dhaoine òga, chan ann a-mhàin ann an sgìre na Gàidhealtachd ach air feadh na h-Alba.”

Thuirt Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh & Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte gun urrainn dhuinn taic a thoirt do na bhidiothan seo tron iomairt #cleachdiaigantaigh againn. Tha iad a’ brosnachadh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh agus mar sin bidh iad nam buannachd do luchd-labhairt òga na Gàidhlig, chan ann a-mhàin ann an sgìre na Gàidhealtachd, ach air feadh na dùthcha.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: Dolina.Grant@highland.gov.uk

Faic na bhidiothan aig:

Shinty goes Virtual

The Highland Council is delighted to promote a series of lockdown challenge shinty videos which have been produced by Iomain Cholmchille, with support from Highland Council and financial support from Bòrd na Gàidhlig.

Iomain Cholmcille is a unique sporting project promoting links between Irish and Scottish Gaelic speakers through shinty-hurling

Cllr John Finlayson, Chair of Highland Council’s Education Committee said: “The videos will provide much-welcome additional Gaelic resources for pupils in Gaelic Medium education as well as pupils learning Gaelic. The videos set a variety of weekly shinty challenges which the whole family can also take part in outside of the classroom and in our communities.”

Iomain ColmChille have been commissioned to produce 3 or 4 weekly videos which will be available to 22 schools throughout the Highland Council area.

Mr Sean MacLeod, Alba Manager/ Iomain/Cholmcille said,

“We are delighted to renew and revitalise our partnership with Highland Council to support shinty and the use of Gaelic amongst young people not just in Highland but across Scotland.”

Steven Kellow, Funding & Project Officer at Bòrd na Gàidhlig said: “We’re delighted to be able to support these videos as part of our #cleachdiaigantaigh initiative.  They encourage the use of Gaelic in the home and so will benefit many young Gaelic speakers not only in Highland region, but across the country.”

For further information contact: Dolina.Grant@highland.gov.uk

View the videos at:

MIL OSI United Kingdom